Friends of Portree High School

Mod Nàiseanta Rìoghail - Dùn-omhainn 2006

Bha Mòd air leth soirbheachail aig sgoilearan Àrd Sgoil Phort Rìgh an-uiridh is bhuannaich iad duaisean ann an iomadh farpais le clàrsach is aithris bàrdachd nam measg. Ghlèidh Catherine Tinney Bonn Òir a’ Chomuinn – priòmh dhuais ann an seinn na cloinne. 

Bha Ruairidh MacCarmaig anns a’ chaid àite dà thuras, airson seinn aon-neach agus seinn san t-seann nòs. Thug a’ bhuidheann dràma gàire air an luchd-èisteachd leis an dealbh –chluich aca is bhuannaich iad Cuach Iain Mhic Nibhein. Bha na mnathan luaidh ann am fìor dheagh ghuth cuideachd is thàinig iadsan dhachaigh le Sgiath nan Eileanan Shiant. Is cinnteach gun tèid gu math leotha a-rithist aig Mòd Lochabair am bliadhna.